Greenland: Sgeul Isobel Wylie Hutchison (meach-aithris)
Coiseachd astaran san Artaig na h-aonar. Chan e sin an àbhaist do bhoireannach a rugadh an Alba ann an 1889. Tha Curstaidh NicDhòmhnaill a’ leantainn cheumannan Iseabail Wylie Hutchison bho Chaisteal Carlowrie faisg air Dùn Èideann chun na Graonlainne.
BBC Alba/Caledonian TV
DÙTHCHAS | HOME (stiùiriche)
Tha an aithriseachd Dùthchas na rannsachadh drùidhteach, tiamhaidh is làidir air cò ris a bha e coltach – agus a tha fhathast – do dhaoine, boireannaich gu h-àraid, a bhith a’ fàgail eilean am breith gus foghlam, cosnadh is còmhnaidh fhaighinn.
Hopscotch Films/UistFilm
Trusadh: An Cràdh/Endo What? (fiosraiche)
Tha Endometriosis na staid a tha a’ toirt buaidh air 1.5 millean no 10% de bhoireannaich ann am Breatainn. ‘S e a th’ann ach nuair a tha stuth a tha a’ tighinn a-mach à boireannaich gach mìos a’ tòiseachadh a’ fàs ann an àitichean eile. Na lùib dh’fhaodadh pian uabhasach, trom-inntinn, agus duilgheadasan fàs trom nochdadh.
BBC Alba (2016)
Ulaidhean (meach-aithris)
Tha Derek MacAoidh agus Curstaidh NicDhòmhnaill a’ tadhal air taighean-tasgaidh air feadh Alba, a’ sireadh nithean annasach agus nan sgeulachdan air an cùlaibh. Seo iad aig Taigh Tasgaidh Ìle.
BBC Alba
Arc-eòlas a’ crìonadh (meach-aithris)
Arc-eòlas na h-Alba mar a tha e an-diugh. Anns a’ phrògram seo thathas a’ coimhead ri arc-eòlas a’ crìonadh, far am faicear cuid de na làraichean agus nithean as prìseil a tha timcheall na costaichean againn agus a th’ ann an cunnart a dhol à sealladh.
BBC Alba

