Fiosrachadh

CURSTAIDH NICDHÒMHNAILL

Thogadh mi ann an Uibhist a Tuath, agus tha còrr is 20 bliadhna de dh’ eòlas is cosnadh agam anns an roinn chultarail ann an Alba.

Bho cho-chomhairleachadh Gàidhlig gu bhith a’ rannsachadh agus a’ preseantadh phrògraman aithriseach mu eachdraidh agus dualchas, tha mi ag amas air aire cultar agus cànain na h-Alba a thogail.

Bu mhath leam spèis a thoirt gu ar mion-chultaran dùthchasach agus tùsanaich air feadh an t-saoghail. Nam bheachd-sa feumaidh sinn luach agus urram a thoirt don bheul-aithris traidiseanta a tha ar sinnsearan air innse tro na linntean, agus a bhith mothachail air seo san obair leasachaidh againn.

Tha mi a’ tabhann grunn sheirbheisean a’ buntainn ri Gàidhlig na h-Alba, na meadhanan, ealain thraidiseanta agus Dualchas Cultarach Do-bheantainn. Mura bheil an t-seirbheis shònraichte a tha thu a’ lorg an seo cuir post-d thugam agus feuchaidh mi ri do chuideachadh.

.

comascreative@gmail.com