Tha mi a’ tabhann grunn sheirbheisean a’ buntainn ri Gàidhlig na h-Alba, na meadhanan, ealain thraidiseanta agus Dualchas Cultarach Do-bheantainn. Mura bheil an t-seirbheis shònraichte a tha thu a’ lorg an seo cuir post-d thugam agus feuchaidh mi ri do chuideachadh.
MEADHANAN
- Preasantair aithriseach, agallaiche, neach-rannsachaidh agus neach-taic riochdachaidh
- CV craolaidh an seo.
- Broadcast on BBC Alba: Ulaidhean, Talamh Tròcair, Trusadh, An Dotair Mòr, An Taistealaiche, Iorram, An Cràd
- Air an craoladh air BBC Alba: Ulaidhean, Talamh Tròcair, Trusadh, An Dotair Mòr, An Taistealaiche, Iorram, An Cràdh
- Am measg nan companaidhean riochdachaidh tha MacTv, Caledonia, UIstFilm, Firecrest / Specky Productions
Mìneachadh Làrach Dualchais
.
Cruthaichidh mi fiosrachadh do luchd-tadhail aig làraich dualchais. Tha deagh eòlas agam air beul-aithris, òrain, sgeulachdan agus bidh am beartas cultural seo a’ cuideachadh luchd-tadhail ann a bhith a’ mìneachadh làraich culturail is eachdraidheil. Ni mi seo sa Bheurla, Gàidhlig, no dà-chànanach.
Sgilean eile
.
Cuir fios thugam airson prìs, le uiread de dh’ fhiosrachadh ’s a ghabhas:
- Eadar-theangachadh agus ath-leughaidh
- Comhairle air poileasaidhean a thaobh coimhearsnachdan, cultur na h-Alba, agus na h-eileannan

